Gaelic Services  /  Seirbheisean Ghàidhlig

All our Gaelic services can be found on our Gaelic YouTube channel,

Eaglais Ghàidhlig Air-loidhne

youtube-icon.png

Ùrnaigh an Tighearna

 

Ar n-athair,

A tha air nèamh,

Gun naomhaircher t’ainm.

Gun tigeadh do rìoghachd,

Gun dèanar do thoil,

Air thalamh,

Mar a nithear air nèamh.

Thoir dhuinn an-duigh,

Ar n-aran làitheil,

Agus math dhuinn ar fiachan,

Mar a mhathas sinne do ar luchd-fiach.

Agus na lieg ann am buaireadh sinn,

Ach saor sinn o’n olc.

Oir is leatsa an rìoghachd,

An cumhachd,

Agus a’ ghlòir,

Gu sìorraidh.

Amen.

Salm 23

Salm le Daibhidh

  1. Is e an Tighearna mo bhuachaille; cha bhi mi ann an dith.

  2. Ann an cluainean glasa bheir e orm laighe sìos; làimh ri uisgeachan ciùine treòraichidh e mi.

  3. Aisigidh e m’anam; treòaichidh e mi air slighean na fìreantachd air sgàth a ainme fhèin.

  4. Seadh, ged shiubhail mi tro ghleann sgàil a’ bhàis, cha bhi eagal uilc orm, oir tha thusa maille rium; bheir do shlat agus do lorg comhfhurtachd dhomh.

  5. Deasaichidh tu bòrd fam chomhair ann am fianais mo naimhdean; dh’ung thu le ola mo cheann;tha mo chupan a’ cut tharis.

  6. Gu cinnteach leanaidh math agus tròcair mi uile làithean mo bheatha; agus còmhnaichidh mi ann an taigh anTighearna fad mo làithean.

Ùrnaigh

 

Taing dhut, a Dhè, airson Àm na Nollaig,
airson na laoidhean aoibhneach a bhios inn a’ seinn,
airson nam pàrtaidhean a bhios againn,
airson nam seirbhisean a bhios anns an sgoil agus anns an eaglais,
airson nan tìodhlacan a bhios sinn a’ faighinn agus a’ toirt seachad.

Nuair a gheibh sinn tìodhlac, gun cuimhnich sinn
air Crìosd, an tìodhlac a thug thusa seachad aig a’ chiad Nollaig.

Nuair a chì sinn solais air na craobhan-Nollaig,
agus anns na sràidean gun chuimhnich sinn gur e
Ìosa Sòlas an t-Saoghail.

Nuair a chluinneas sinn mu Ìosa a rugadh ann an stàball,
gun cuimhnich sinn air an fheadhainn
aig nach eil biadh no dachaigh no càirdean.


Amen.

Xmas2017-8.jpg

Well-known television presenter Cathy MacDonald reads Ephesians 2. 11 - 22 in Gaelic.

An old sound recording of the Rev. A. M. MacLeod, Kinloch, Isle of Lewis.