Laoidhean Gaidhlig

Eadar-theangachadh le Dòmhnall Meek

air ‘Christ triumphant, ever reigning’, le Michael Saward.

 

Chrìosda bhuadhmhoir, ’s tus’ tha riaghladh,

Slànaighear, Maighstir, Rìgh:

Thighearna nèamh, ’s do làmh gar biathadh,

Èisd rinn, ’s sinn a’ seinn:

  ’S leats’ a’ ghlòir, is leats’ an crùn,

  An cliù as àird’, an t-ainm as buan.

 

Fhacail fheòla, am f ìor-theagasg,

Mac an Duin’ nar measg!

Mòralachd is cumhachd ceilte

’N ioraslachd do bhreith:

  ’S leats’ a’ ghlòir, is leats’ an crùn....

 

Shearbhant dh’fhuiling tàir is tàmailt,

Neochiont’ air crann-ceusd’!

Ruaig do chrann am bàs mar nàmhaid,

’S tha peacaich nise rèidh:

  ’S leats’ a’ ghlòir, is leats’ an crùn....

 

Shagairt rìoghail, ’s tu gu sìorraidh

Ann an nèamh gu h-àrd:

Cha chuir bàs no ifrinn mhillteach

Stad air laoidhean gràidh:

  ’S leats’ a’ ghlòir, is leats’ an crùn....

 

Togaidh sinn gach guth is cridhe,

Fad nan linntean sìor,

’G amharc ort le ioghnadh biothbhuan,

’S seinnidh sinn gu binn:

  ’S leats’ a’ ghlòir, is leats’ an crùn,

  An cliù as àird’, an t-ainm as buan.

 

Ùrnaigh

Well-known television presenter Cathy MacDonald reads Ephesians 2. 11 - 22 in Gaelic.

An old sound recording of the Rev. A. M. MacLeod, Kinloch, Isle of Lewis.