top of page

WHEN I SURVEY THE WONDROUS CROSS

NUAIR BHREITHNICHEAS MI AIR CRANN AN ÀIGH

 

Nuair bhreithnicheas mi air crann an àigh,

Far an do bhàsaich Prionns’ òg na Glòir,

Is leam mar chall mo dhuais as àird’,

’S gun taom mi tàir air m’ uile phròis.

 

Na leigte, Dhè, gun dèanainn-s’ uaill

Ach anns a’ bhàs fhuair Crìosd mo Dhia;

Gach gnothach faoin a bhuair mo smuain,

Da fhuil ro-bhuadhmhor dh’ìobrainn fhìn.

 

Seall, às a cheann, o chas, ’s o làmh,

Sruth bròin is gràidh a’ dòrtadh sìos;

Robh gràdh cho mòr le bròn ’n com-pàirt,

No crùn cho àill’ de dhris air Rìgh?

 

Dreach dearg a' bhàis, mar bhrat gun sgèimh,

Tha sgaoileadh feadh a chuirp air crann:

Nis tha mis’ marbh don chruinne-chè,

’S tha chruinne-chè nis dhòmhsa marbh.

 

Ged bhiodh nam làimh an saoghal gu lèir,

Bu bheag an tìodhlac e, ’s bu mheanbh;

Gràdh maiseach mìorbhaileach ar Dè,

Tha ’g agairt m’ anam, ’s m’ uile shealbh.

 

Isaac Watts 1674-1748  Ead.th: Dòmhnall Meek

bottom of page