Ar Dia, ar taic san àm a dh'fhalbh
O God, our Help in Ages Past

Eadar-theangachadh le Dòmhnall Meek air 'O God our help in ages past', le Isaac Watts (1674-1748)

Ar Dia, ar taic san àm a dh'fhalbh
O God, our Help in Ages Past

Ar Dia, ar taic san àm a dh'fhalbh,
ar dòchas anns gach linn,
ar fasgadh bho gach oiteig gharbh,
's ar dachaigh bhuan gu sìor.

An siud fo sgàil do chathair rìgh,
na naoimh fhuair tàmh is sìth;
fòghnaidh do ghàirdean-sa a-mhàin,
mar dhìdean dhuinn le cinnt.

Mus robh na cnuic an òrdagh dèant'
no 'n talamh air a stèidh,
is tus' an Dia a bh' ann o chian,
gun chaochladh fad nan rè.

Tha mìle linn nad shealladh sùl'
mar fheasgar theich gu luath,
cho aithghearr ris an fhaire oidhch'
's gath-maidne grèin' ga ruaig.

Tha tìm, mar shruth tha 'g at gu bràth,
a' sguabadh leis gach àl;
bidh iad a' falbh mar aisling bhrisg,
gun chuimhn' aig teachd an là.

Ar Dia, ar taic san àm a dh'fhalbh,
ar dòchas anns gach linn,
bi dhuinn nad gheàrd fhad 's mhaireas cràdh,
's nad dhachaigh bhuan gu sìor.