Chrìosda Bhuadhmhoir
Christ Triumphant, Ever Reigning

Eadar-theangachadh le Dòmhnall Meek air ‘Christ triumphant, ever reigning’, le Michael Saward (1932-2015).

Chrìosda Bhuadhmhoir
Christ Triumphant, Ever Reigning

Chrìosda bhuadhmhoir, ’s tus’ tha riaghladh,
Slànaighear, Maighstir, Rìgh:
Thighearna nèamh, ’s do làmh gar biathadh,
Èisd rinn, ’s sinn a’ seinn:
’S leats’ a’ ghlòir, is leats’ an crùn,
An cliù as àird’, an t-ainm as buan.

Fhacail fheòla, am f ìor-theagasg,
Mac an Duin’ nar measg!
Mòralachd is cumhachd ceilte
’N ioraslachd do bhreith:
’S leats’ a’ ghlòir, is leats’ an crùn....

Shearbhant dh’fhuiling tàir is tàmailt,
Neochiont’ air crann-ceusd’!
Ruaig do chrann am bàs mar nàmhaid,
’S tha peacaich nise rèidh:
’S leats’ a’ ghlòir, is leats’ an crùn....

Shagairt rìoghail, ’s tu gu sìorraidh
Ann an nèamh gu h-àrd:
Cha chuir bàs no ifrinn mhillteach
Stad air laoidhean gràidh:
’S leats’ a’ ghlòir, is leats’ an crùn....

Togaidh sinn gach guth is cridhe,
Fad nan linntean sìor,
’G amharc ort le ioghnadh biothbhuan,
’S seinnidh sinn gu binn:
’S leats’ a’ ghlòir, is leats’ an crùn,
An cliù as àird’, an t-ainm as buan.