Gaelic Services  /  Seirbheisean Ghàidhlig

All our Gaelic services can be found on our Gaelic YouTube channel,

Eaglais Ghàidhlig Air-loidhne

youtube-icon.png

Ùrnaigh an Tighearna

 

Ar n-athair,

A tha air nèamh,

Gun naomhaircher t’ainm.

Gun tigeadh do rìoghachd,

Gun dèanar do thoil,

Air thalamh,

Mar a nithear air nèamh.

Thoir dhuinn an-duigh,

Ar n-aran làitheil,

Agus math dhuinn ar fiachan,

Mar a mhathas sinne do ar luchd-fiach.

Agus na lieg ann am buaireadh sinn,

Ach saor sinn o’n olc.

Oir is leatsa an rìoghachd,

An cumhachd,

Agus a’ ghlòir,

Gu sìorraidh.

Amen.

Salm 23

Salm le Daibhidh

  1. Is e an Tighearna mo bhuachaille; cha bhi mi ann an dith.

  2. Ann an cluainean glasa bheir e orm laighe sìos; làimh ri uisgeachan ciùine treòraichidh e mi.

  3. Aisigidh e m’anam; treòaichidh e mi air slighean na fìreantachd air sgàth a ainme fhèin.

  4. Seadh, ged shiubhail mi tro ghleann sgàil a’ bhàis, cha bhi eagal uilc orm, oir tha thusa maille rium; bheir do shlat agus do lorg comhfhurtachd dhomh.

  5. Deasaichidh tu bòrd fam chomhair ann am fianais mo naimhdean; dh’ung thu le ola mo cheann;tha mo chupan a’ cut tharis.

  6. Gu cinnteach leanaidh math agus tròcair mi uile làithean mo bheatha; agus còmhnaichidh mi ann an taigh anTighearna fad mo làithean.

Ùrnaigh

Gairm gu Ùrnaigh: Latha na Sàbaid 13mh dhen Ògmhios 2021

Ùrnaigh aig 7

 

“B’ fheàrr leam fhaicinn na a chluinntinn.” Tha sinn uile air an abairt sin a chluinntinn, agus bidh e a’ nochdadh ann an ceòl, fiolm, agus còmhraidhean làitheil. ’S e brìgh na h-abairte: Ma chì thu, creididh tu. Ach chì sinn an t-uabhas ann am beatha ’s gum bi e a’ sìor-fhàs nas duilghe rudan a chreidsinn, ged a bhios iad ro ar shùilean. Tha cus mu thimcheall oirnn, agus thèid sinn tro chèile leis.


 

Tha beachd eile aig an Abstol Pòl.  An àite a ràdh “B’ fheàrr leam fhaicinn na chluinntinn”, tha e ag ràdh: “b’ fheàrr leam chreidsinn na fhaicinn!”  Bha Pòl eòlach gu leòr air na dùbhlanan a bha roimhe agus air cho caochlaideach ’s a bha a h-uile nì mu thimcheall air.  Mar sin, lorg e dòigh a bhith beò nach robh an eismeil na rudan a chunnaic e le sùilean a chuirp.  Seach sin, tha e ag ràdh, “tha sinn a’ coiseachd le creideamh, chan ann le sealladh” (2 Corintianaich 5: 7)  Tha Pòl ag ràdh nach eil sinn “a coimhead air na rudan a tha rim faicinn, ach air na rudan nach eil rim faicinn; oir tha na rudan a chithear aimsireil, ach na rudan nach fhaicear sìorraidh.” (2 Corintianaich 4: 18).  Nar beathannan làitheil, faiceamaid an saoghal tro shùilean a’ creideimh.  

 

Dèanamaid ùrnaigh:

 

A Dhè shìorraidh, 

is ann tro chreideamh a dh’aithneachas sinn do shlighean.

Deònaich gun coiseachd sinn

le creideamh, gum biomaid beò a-rèir do thoile.

Deònaich gum bi do ghlòir air a foillseachadh nar beathannan.

A Thighearna, na do thròcair,
èist ri ar n-ùrnaigh. 

 

A Dhè shìorraidh, 

is ann tro chreideamh a dh’aithneachas sinn do shlighean.

Deònaich dhuinn misneachd nach eil sin nar n-aonar fhad ’s a choiseachas sinn le creideamh,

ach gu bheil sinn a’ coiseachd ri taobh do Mhic.

A Thighearna, na do thròcair, 

èist ri ar n-ùrnaigh.

 

A Dhè shìorraidh, 

is ann tro chreideamh a dh’aithneachas sinn do shlighean.

Deònaich dhuinn fios gu bheil sinn a’ coiseachd còmhla ri do shluagh

Agus ann an coimhearsnachd do Spioraid.

A Thighearna, na do thròcair, 

èist ri ar n-ùrnaigh.

 

A Dhè shìorraidh, 

is ann tro chreideamh a dh’aithneachas sinn do shlighean.

Deònaich gum faic sinn

ioma-fhillteachd an t-saoghail

tro shùilean air an soillseachadh le creideamh.

A Thighearna, na do thròcair, 

èist ri ar n-ùrnaigh.

 

A Dhè shìorraidh, 

is ann tro chreideamh a dh’aithneachas sinn do shlighean.

Deònaich gum faic sinn, le creideamh,

ìomhaigh Dhè

anns gach beatha a shnaidh do làmh.

A Thighearna, na do thròcair,

èist ri ar n-ùrnaigh.

 

A Dhè shìorraidh, 

is ann tro chreideamh a dh’aithneachas sinn do shlighean.

Deònaich gun lorg sinn do làthaireachd

aig deireadh ar beathannan

agus pàirt a ghabhail ann am beatha sìorraidh.

A Thighearna, na do thròcair, 

èist ri ar n-ùrnaigh.



 

Soidhnichte:

 

An Ceart Urramach Morair Uallas, Moderàtor Àrd-Sheanadh Eaglais na h-Alba

 

Am Fìor Urramach Leo Cushley, Àrd-Easbaig Chill Rìmhinn agus Dùn Èideann

 

Am Fìor Urramach Marcus Strange, Primus as leth Colaiste nan Easbaigean, Eaglais Easbaigeach na h-Alba

 

An t-Urramach Oll. Daibhidh Miller, Eaglais Shaor Aonaichte na h-Alba

 

An t-Urramach Niall MacMhaoilein, Moderàtor, an Eaglais Shaor

 

An t-Urramach Pòl Whittle, Eaglais Ath-Leasaichte Aonaichte  (Alba)

 

An t-Urramach Màrtainn Hodson, Àrd-Stiùiriche, Aonadh Baisteach na h-Alba

 

An t-Urramach Marcus Slaney, Cathraiche Roinn-Dùthcha, Eaglais nam Methodach (Alba)

 

An t-Urramach Tòmas R. Wilson, Cathraiche, Caidreachas Co-thionalach ann an Alba

 

Lt. Col. Carol Bailey, Rùnaire na h-Alba, Feachd na Slàinte

 

Adwao Bittle, Comann nan Caraidean (Cuagairean)

  An t-Urramach Rut Nic an Tuairneir, Àrd-Neach-Stiùiridh Roinn-Dùthcha, Eileanan Bhreatainn, Eaglais an Nàsaraich

 

Aoghaire Chris Gbenle, Aoghaire Roinn-Dùthcha, Mòr-Roinn na h-Alba, Eaglais Chrìosdal air Saoradh le Dia

 

Easbaig Francis Alao, Eaglais Dhè (Alba)/ Eaglaisean nam mìon-shluagh còmhla ann an Alba (MECTIS)

 

An t-Urramach Fred Drummond, Stiùiriche, Caidreachas Soisgeulach (Alba)

Eadar-theangachadh ùr le Dòmhnall Meek

air ‘Christ triumphant, ever reigning’, le Michael Saward.

 

Chrìosda bhuadhmhoir, ’s tus’ tha riaghladh,

Slànaighear, Maighstir, Rìgh:

Thighearna nèamh, ’s do làmh gar biathadh,

Èisd rinn, ’s sinn a’ seinn:

  ’S leats’ a’ ghlòir, is leats’ an crùn,

  An cliù as àird’, an t-ainm as buan.

 

Fhacail fheòla, am f ìor-theagasg,

Mac an Duin’ nar measg!

Mòralachd is cumhachd ceilte

’N ioraslachd do bhreith:

  ’S leats’ a’ ghlòir, is leats’ an crùn....

 

Shearbhant dh’fhuiling tàir is tàmailt,

Neochiont’ air crann-ceusd’!

Ruaig do chrann am bàs mar nàmhaid,

’S tha peacaich nise rèidh:

  ’S leats’ a’ ghlòir, is leats’ an crùn....

 

Shagairt rìoghail, ’s tu gu sìorraidh

Ann an nèamh gu h-àrd:

Cha chuir bàs no ifrinn mhillteach

Stad air laoidhean gràidh:

  ’S leats’ a’ ghlòir, is leats’ an crùn....

 

Togaidh sinn gach guth is cridhe,

Fad nan linntean sìor,

’G amharc ort le ioghnadh biothbhuan,

’S seinnidh sinn gu binn:

  ’S leats’ a’ ghlòir, is leats’ an crùn,

  An cliù as àird’, an t-ainm as buan.

 

Well-known television presenter Cathy MacDonald reads Ephesians 2. 11 - 22 in Gaelic.

An old sound recording of the Rev. A. M. MacLeod, Kinloch, Isle of Lewis.